Dragh mu uairean sgoile
- Air fhoillseachadh
Tha dragh air comhairliche à Inbhir Nis gum fulaing clann ann an sgìrean iomallach ma dh'àrdaicheas Riaghaltas na h-Alba an àireamh uairean a thìde a dh'fheumas clann sa bhun-sgoil a chuir seachad anns a' chlas.
Tha an Riaghaltas airson 's gum bi clann a chuir seachad 25 uairean a thìde anns a' chlas gach seachdainn.
Tha an comhairliche Làbarach Bet NicAlasdair ag ràdh ge-tà nach eil seo a' gabhail a-steach cho fad 's a dh'fheumas cuid de chloinn a bhith a' siubhail air ais 's air adhart dhan sgoil.
Tha i ag ràdh nach eil i a' faicinn gun dèanadh seo feum dhan chloinn as òige leis gum biodh cuid dhiubh sin air falbh bhon teaghlaichean aca fad 35 uairean a thìde gach seachdainn.
Thog i cuideachd air a' chosgais a bhiodh na lùib, agus nach eil tidsearan gu leòr aca mu choinneamh an leudachaidh.
Bha Comhairle na Gàidhealtachd a' coimhead ris an t-seachdainn sgoile a ghearradh mar dhòigh air airgead a chaomhnadh.