An t-Oll. Meg Bateman
- Air fhoillseachadh

Tha am bàrd Meg Bateman a-nis na h-ollamh ann an Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.
Chaidh an tiotal a bhuileachadh oirre mar dhòigh gus aithne a thoirt dhan obair a tha i air a dhèanamh thar nam bliadhnaichean air eòlas Gàidhlig agus Ceiltis.
Thuirt i gu robh i gu math toilichte an t-urram fhaighinn, 's gu h-àraidh às dèidh dhith fhèin a' Ghàidhlig ionnsachadh.
"Bu toil leam gum bithinn a' toirt cuideachaidh do dhaoine òga - neo daoine de sheòrsa sam bith - a tha airson bàrdachd a sgrìobhadh".
"Tha mi glè thoilichte do dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu bheil iad air a' Ghàidhlig aithneachadh le bhith a' dèanamh Ollamh dhiom".
Tha i air a bhith ag obair ann an Sabhal Mòr Ostaig bho 1998.
Bha i roimhe na h-oileanach agus na h-òraidiche ann an Oilthigh Obar Dheathain.