BBC Naidheachdan

Stailc na trèan' oidhche

Published
image copyrightIain McLean
image captionTha eas-aonta ann eadar Serco agus luchd-obrach na seirbheis

Thèid luchd-obrach nan trèanaichean-oidhche eadar Alba agus Lunnainn air stailc Dimàirt.

Tòisichidh an stailc aig 1830 agus mairidh i dà là.

Bhòt buill den aonadh an RMT a dhol air stailc - agus eas-aonta ann eadar iad fhèin agus a' chompanaidh Serco a tha a' ruith na seirbheis.

Tha an RMT a' gearain mu thrioblaidean le na trèanaichean agus iad ag ràdh nach eil Serco a' dèiligeadh riutha.

Tha Serco ag ràdh gu bheil iad air mòran dhen na rudan seo a chuir ceart mar-thà neo gu bheil iad gan càradh an dràsta.

Chaidh còmhraidhean a chumail aig an t-seirbheis rèiteachaidh Acas Diluain ann an oidhirp stailc a sheachnadh ach cha deach leotha.

Gheibh daoine a cheannaich ticeardan an cuid airgid air ais.

Tha dùil gun tòisich seirbheisean às ùr air an 27mh là dhen Dùbhlachd, ach mura tèid rèite a ruighinn. dh'fhaodadh tuilleadh stailcean a bhith ann anns a' Bhliadhna Ùir.