Meirle ann an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Tha polais ann an Inbhir Nis a' rannsachadh mar a chaidh briseadh a-steach gu taigh ann am Baile a' Chnuic.
Chaidh briseadh a-steach dhan taigh air Rathad Bhaile an Lòin uaireigin eadar Diardaoin a chaidh agus Dimairt an t-seachdainn-sa fhad 's a bha an fheadhainn a tha a' fuireach ann air falbh.
Tha na polais ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic càil amharasach fios a chuir thuca.