Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drochaid

Fosglaidh Drochaid Rathaid Fhoirthe a-rithist a-màireach. Dh'fhoillsich Rùnaire na Còmhdhail Derek MacAoidh gum biodh an drochaid fosgailte dhan a h-uile seòrsa carbad, ach a-mhàin làraidhean HGV, bho 0600. Thuirt Mgr MacAoidh gun robh luchd-einsineeridh air dearbhadh a dhèanamh air obair-càraidh eadar-amail, agus air innse dha gun robh an drochaid a-nis sàbhailte airson a h-uile càil ach a-mhàin na luchdan is truime. Gabhaidh an còrr dhen obair-càraidh a dhèanamh gun a bhith a dùnadh na drochaid, agus tha dòchas ann gum fosgail i do làraidhean mòra a-rithist an ceann sia seachdainnean.

Stàilinn

Tha e air tighinn am barr gu bheil companaidh air ùidh a nochdadh ann a bhith a' ceannach nan ionadan stàilinn ann an Siorrachd Lannraig. Thuirt Tata Steel gu bheil iad air an ainm a chuir ri litir-rùin còmhla ri Greybull Capital, a shàbhail a' chompanaidh adhair Monarch an uiridh. Dh'fhoillsich Tata nas tràithe air a' bhliadhna gun deadh na h-ionadan aca ann an Tobar na Màthair agus Camus Long a dhùnadh le 270 luchd-obrach gam pàigheadh dheth.

Fogarraich

Tha an àireamh de dh'fhogarraich agus in-imrichean a th'air tighinn dhan Roinn Eòrpa am bliadhna air a dhol thairis air millean. Tha na figearan is ùire a' sealltain àrdachadh ceithir-fhillte an coimeas ri 2014. Tha Buidheann Eadar Nàiseanta na h-Imrich ag ràdh gun tàinig còrr is 80% dhiubh thairis air a' chuan dhan Ghrèig. 'S ann à Siria a thàinig faisg air dàrna leth de na fogarraich, le faisg air a' chòigeamh chuid a' tighinn à Afganastan.

Afganastan

Tha buidheann de shaighdearan Breatannach air a dhol gu sgìre Helmand ann an Afganastan airson comhairle a thoirt do dh'arm na dùthcha air mar a dhèiligeas iad ri na Taliban ann an Sangin. Tha na Taliban ag radh gu bheil iad air a' bhaile a ghabhail thairis, ach tha riaghladair ionadail na sgìre ag ràdh gu bheil feachdan Afganach fhathast a' sabaid ann am meadhan a' bhaile. Thuirt an MOD nach tèid na saighdearan Breatannach an sàs anns an t-sabaid.

Iorac

Thuirt oifigeach Ioracach gu bheil na feachdan aca air iomairt mhòr a chuir air chois airson baile Ramadi a ghabhail thairis. Tha Ramadi air a bhith fo smachd na Stàit Ioslamaich bhon a' Chèitean. Thuirt luchd-labhairt gu bheil arm Iorac, le taic bho threubhan ionadail agus itealain chogaidh eadar-nàiseanta, air deagh adhartas a dhèanamh bhon a thòisich an iomairt aig meadhan oidhche.

Teine

Chaidh aon duine a thoirt dhan ospadal agus chaidh cobhair a dhèanamh air na h-uidhir eile a ghabh ceò a-steach air an anail às dèidh teine mòr aig garaids ann an Obar Dheathain a-raoir. B'fheudar dha na deicheadan dhaoine an dachannan fhàgail ann an sgìre Torry den bhaile nuair a chaidh an garaids aig Arnold Clark na smal.

Cnoc Chalton

Airson a chiad uair thèid daoine a chasg bho Chnoc Chalton ann an Dùn Èideann air oidhche na Bliadhna Ùire. 'S àbhaist do mhòran dhaoine a bhi ga shreap air an là mu dheireadh dhen bhliadhna airson a bhith a' coimhead nan cleasan teine aig meadhan-oidhche. Tha Comhairle a' bhaile air co-dhùnadh an cnoc a dhùnadh bho 7f feasgar gu 1m airson adhbharan sàbhailteachd.