Trì seòlaidhean an geamhradh sa eadar Malaig & Loch Baghasdal
- Air fhoillseachadh

Chan eil an t-aiseag eadar Malaig agus Loch Baghasdal air seòladh ach trì tursan ann an sia seachdainnean air a gheamhradh sa.
Tha e coltach gur i an droch shìde as motha a th' air seo adhbhrachadh.
Seo a' bhliadhna mu dheireadh de sgeama pìleat a thòisich ann a dà mhìle 's a trì deug agus a tha a'ruith tro mhìosan a'gheamhraidh.
Thuirt a' chompanaidh aiseig Caledonian Mac a' Bhruthainn gu bheil an aimsir air bacadh a chuir air an t-seirbheis.
Tha muinntir Uibhist air a bhith gearain mu dìth earbsa san t-seirbheis air sàilleabh 's cho tric 'sa tha an aiseag dheth.
Bha còir aig seirbheis a gheamhraidh eadar an dà phort tòiseachadh air an 12mh den t-Samhainn am bliadhna ach bha an còigeamh làtha den Dùbhlachd ann mus do thòisich an t-seirbheis.
Dà sheòladh
Tha dà sheòladh a h-uile Dimàirt agus a h-uile Disathairne air a' chlàr-ama.
Thuirt Màiri Steele à Uibhist a Deas guN robh dùil aice fhèin agus grunn charaidean siubhal air an t-seirbheis an uiridh, agus gun do choimhead iad air falbh oirre grunn thursan, ach nach do thachair e.
Thuirt i, am bliadhna, nach do choimhead i fiù's air falbh air an t-seirbheis.
Malaig gu Loch Baghasdal