Taigh Bhoth Fhleisginn na theine

Luchd-smàlaidh a' dèiligeadh leis an teine

Tha luchd-smàlaidh a' strì ri teine mòr aig Taigh Bhoth Fhleisginn faisg air Fothir, os cionn Loch Nis.

Chaidh fios a chuir orra aig 1.40 f. Diciadain.

Tha coltas ann gun deach a' chuid as motha den togalach a milleadh.

Bha an taigh ainmeil leis gun robh Alasdair Crowley - fear aig an robh ùidh mhòr ann an cùisean os-nàdara - a' fuireach ann o chionn 100 bliadhna agus cheannaich am fear-ciùil Jimmy Page, bhon chòmhlan Led Zeppelin, e cuideachd.

Cùisean os-nàdara

Chaidh Taigh Bhoth Fhleasgain a thogail ann an 1760 le Earsdaidh Friseal.

Chaidh a reic gu Alasdair Crowley aig deireadh an 19mh linn.

Thuirt esan gur e àite math a bh'ann a thaobh chùisean os-nàdara 's e a' dèanamh a-mach gum biodh spioradan a' tighinn còmhla an sin.

Anns a' coimhearsnachd, thòisichear sgeulachdan a chluinntinn mu rudan dona a bhiodh a' tachairt ann.

Jimmy Page

Cheannaich Jimmy Page bho Led Zeppelin an taigh ann an 1970 - bha esan air a bheò ghlacadh le obair Chrowley, ged nach do dh'fhuireach e san taigh ro thric.

Tha luchd-smàlaidh bho Inbhir Nis, a' Mhanachain agus Inbhir Pheotharain air a bhith feuchain ris an teine a chur `as - ag amas gu h-araidh air ceann an iar an togalaich leis gu bheil an còrr dheth air an sgrios.

Cha robh duine san togalach nuair a thòisich an teine.