Gearradh an fheòir aig an Nollaig

Castle Stuart Image copyright Castle Stuart Golf Course
Image caption Bidh Farpais Fhosgailte ga cumail aig Caisteal Stiùbhairt anns an Iuchair.

Leis cho blàth 's a tha an aimsir air a bhith, b' fheudar do luchd-obrach aig Raon Goilf Chaisteil Stiùbhairt uairean a bharrachd a dhèanamh Diardaoin airson am feur a ghearradh air an raointean.

Seo a' chiad uair a tha iad air am feur a ghearradh san Dùbhlachd.

Mar is trice 's ann aig deireadh na Samhain a tha iad a' cur crìoch air na raointean, ach le aimsir cho blàth ri 10 celcius, tha am feur air a bhith a' fàs ge b'oil leotha.

Tha iad cuideachd air mothachadh gu bheil conasg air a bhith fàs agus mar is àbhaist chan fhaicear sin gu deireadh a' Ghearrain neo toiseach a' Mhàirt.

Sìde Ropach

Thuirt Manadsear an raoin, Chris Haspell 'Tha e math ann an dòigh nach eil feum againn a bhith ag obair ann an sìde ropach, geamhradail, ach aig an aon àm, tha trioblaidean againn, a chionn cha tèid biastagan beaga a mharbhadh le reothadh, agus mar sin bidh droch bhuaidh aca air an fheur'.

'Tha e na dhùbhlan dhuinn aig an àm-sa den bhliadhna, ach tha sinn a' cumail sùil air cùisean agus bidh sinn deiseil son an t-sneachda nuair a thig e'.

Bidh Farpais Fhosgailte na h-Alba ga cumail aig Caisteal Stiùbhairt bhon a 7-10mh an Iuchair.

Seo an ceathramh turas ann an 6 bliadhna a tha an fharpais air a bhith air bruaichean Linne Mhoirbhe.