Rannsachadh mu theine an Cille Mhoire

Thèid rannsachadh a chumail an dèidh mar a chaidh taigh ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a mhilleadh le teine Disathairne.

Thòisich an teine aig an taigh ann an Cille Mhoire beagan ro mheadhan là, agus bha trì carbadan smàlaidh an lùib na h-iomairt gus smachd fhaighinn air.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh na h-Alba nach eil fiosrachadh aca mu aithrisean gun robh duine san togalach aig an àm, ach gun tèid rannsachadh a chumail mun chùis.