"Cleachdaibh nas lugha dealain"

Càbaill

Bu chòir ro-innleachd a bhith aig Alba gus gnìomhachasan a chuideachadh ann a bhith a' lùghdachadh na tha iad a' cleachdadh de dhealan.

Sin a rèir na buidhne an WWF, is iad ag ràdh nach biodh feum air stèiseanan cumhachd ùra nam biodh na bu lugha de dhealan air a chleachdadh.

'S ann bho WWF na h-Alba agus a' chompanaidh Flexitricity a tha am beachd seo a' tighinn.

Tha iad ag iarraidh air pàrtaidhean poiltigeach na dùthcha aontachadh ri plana nàiseanta air mar tha dealan ga chleachadh.

Fon phlana seo, bhiodh taic ann do leithid oilthighean, bancaichean, bùithdean is companaidhean beaga eile gus lùghdachadh a thoirt air na tha iad a' cleachdadh de dhealan.

Bhiodh iad air am pàigheadh airson sin a dhèanamh.

Thuirt WWF na h-Alba gum biodh seo na bu shaoire na stèiseanan mòra cumhachd a thogail, agus nach biodh feum air an leithid ma tha nas lughda de dhealan air a chleachdadh.