Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tuiltean

Thuirt buidheann na h-àrainneachd ann an Sasainn gum feumar sùil gu tur às ùr a thoirt air sgeamaichean dìon thuiltean an ceann a tuath na dùthcha, agus milleadh ga dhèanamh air grunn bhailtean a-rithist. Tha faisg air 10 rabhaidhean èiginneach fhathast an sàs ann an Sasainn 's a' Chuimrigh, 's tha am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron a' tadhail air cuid de na sgìrean a tha a' fulaing le tuiltean an-diugh.

Na Stàitean Aonaichte

Aig a' cheart àm thàinig dearbhadh gun deach còrr air 40 neach a mharbhadh ann an stoirmean agus tuiltean anns na Stàitean Aonaichte thairis air an t-seachdain a dh'fhalbh. Chaidh co-dhiù 11 duine a mhabhadh le tornàdothan a bhuail air Teagsas. Thuirt Riaghladair Theagsas, Greg Abbot, gun dèan na h-ùghdarrasan ann an sin an dìcheall taic a thoirt do dhaoine a th' air na dachaighean aca a chall.

Sochairean

Thog ball an SNP aig Westminster dragh mu sgeama ùr sochairean a thèid fheuchainn ann an Alba air an ath-bhliadhna. Fon sgeama pìleat thèid innse do dhaoine a tha an impis na sochairean aca a chall cola-deug ro làimh, a' toirt cothrom a bharrachd dhaibh tagradh a dhèanamh an aghaidh a' cho-dhùnaidh. Thuirt Eilidh Whiteford, labhraiche an SNP air ceartas sòisealta, nach dèanadh atharrachaidhean beaga diofar sam bith gus piseach a thoirt air siostam anns a bheil laigsean bunaideach na beachdsa. Tha Riaghaltas Westminster ag ràdh ge-tà, gum bi an siostam ùr nas cothromaiche anns an fharsainneachd.

Inbhir Narann

Tha na Poilis a' rannsachadh an dèidh mar a chaidh losgadh air carbad nam maor-cladaich faisg air Inbhir Narann. Bha an carbad 4x4 a' siubhail air slighe faisg air Abhainn Narann nuair a thachair an t-ionnsaigh.

Loganair

B' fheudar do dh'itealan Loganair a bh' air a slighe a Steòrnabhagh tilleadh a Ghlaschu an-dè, an dèidh do sholas rabhaidh tighinn air mu cheò san t-seòmar-stiùiridh. Dh'fhàg an t-itealan Saab 360 Glaschu mu 12:30f, ach thionndaidh e air ais a Ghlaschu nuair a thàinig an solas cunnart air. Tha seo a' tighinn an dèidh ghearainnean mu sheirbheisean adhair Loganair dha na h-Eileanan Siar agus na h-Eileanan mu Thuath bho chionn ghoirid, gu sònraichte a thaobh innleadaireachd agus obair-càraidh.

Teine

Thèid rannsachadh a chumail an dèidh mar a chaidh taigh ann an Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach a mhilleadh le teine Disathairne. Thòisich an teine beagan ro 12:00f, agus bha trì carbadan smàlaidh an lùib na h-iomairt gus smachd fhaighinn air. Thuirt Seirbheis Smàlaidh na h-Alba nach eil fiosrachadh aca aig an ìre seo an robh duine sam bith anns an togalach aig an àm, ach gun tèid rannsachadh a chumail mun chùis.