BBC Naidheachdan

Ionnsaigh air carbad nam Maor-Cladaich

Published
image copyrightMaoir-Chladaich Inbhir Narann
Tha na Poilis a' rannsachadh an dèidh mar a chaidh peillear fheuchainn air carbad nam Maor-Cladaich ann an Inbhir Narann.
Bha an carbad 4x4 ga dhràibheadh air slighe ann an coille faisg air Abhainn Narann nuair a chaidh losgadh air Didòmhnaich.
Thathas an dùil gur e gunna-adhair .22 a chaidh a chleachdadh. Cha deach duine a ghoirteachadh.
Thathas ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fios mun eucoir seo fios a chur air na Poilis.