Duine a dhìth an Eideardan

  • Air fhoillseachadh
Seacaid phoilis

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu fhireannach a tha a dhìth air taobh sear Rois.

Chan fhacas Andrew Davidson, a tha 48 agus a bhuineas do sgìre Eideardain, le a theaghlach bho oidhche Dhòmhnaich.

Tha e 5'6", meadhanach tapaidh, agus bha geansaidh Nollaige liath air, briogais ghorm agus brògan trèanaidh donna.

Thathas a' tuigsinn gu bheil e a' siubhail ann am bhana Volkswagen Caddy, leis an àireimh chlàraidh SV12 VNS.

Tha na Poilis ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn fios a chur thuca air an àireimh fòna 101.