Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Bheilg

Chaidh dithis a chur an grèim leis na Poilis sa Bheilg, fo amharas gun robh iad ag ullachadh airson ionnsaigh cheannairc anns a' Bhruiseil air Oidhche na Bliadhn' Ùire. Thuirt oifigeach gun deach na daoine a chur an grèim ann am pàirtean eadar-dhealaichte den dùthaich, agus gun deach stuthan a bha a' cur taic ris an Stàit Ioslamaich a lorg cuideachd. Thuirt na Poilis nach eil ceangal eadar an rannsachadh aca agus na thachair ann am Paris air a' mhìos a chaidh.

Tuiltean

Dh'fhaodadh gun toir droch stoirm buaidh air pàirtean de Bhreatainn a tha mar thà a' fulang le fìor dhroch thuiltean. Tha dùil gun ruig an stoirm Breatainn feasgar an-diugh. Bidh an stoirm aig an ìre as làidire ann an Cumbria, ceann a deas na h-Alba agus meadhan na h-Alba. Tha naoi rabhaidhean èiginneach an sàs airson tuiltean ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh fhathast, leis a' mhòr-chuid aca timcheall air York far an robh tuiltean mòra Disathairne.

Iorac

Chuir Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Philip Hammond, meal an naidheachd air Riaghaltas Iorac an dèidh mar a fhuair iad smachd air baile Ramadi bho reubaltaich na Stàite Ioslamaich. Gheall e gum biodh an tuilleadh taic ann bho Bhreatainn san iomairt an aghaidh IS. Thuirt Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte gur e ceum cudromach a bh' ann san iomairt airson làmh an uachdair fhaighinn air an Stàit Ioslamaich.

Easbaig

Dh'innis an Eaglais Chaitligeach gur e am Monsignor Brian McGee an t-easbaig ùr ann an Earra-Ghàidheil agus na h-Eileanan. Cha robh easbaig san sgìre bho 2014, dar a ghluais an t-easbaig a bh' ann a Thobair na Màthar. Tha Monsignor McGee an-dràsta na Shagart ann am Port Ghlaschu. Thuirt e ged nach eil e a' bruidhinn na Gàidhlig e fhèin gu bheil e mothachail air àite a' chànain anns an sgìre.

Lemmy Kilmister

Bhàsaich fear de na daoine as aithnichte ann an ceòl rock, Lemmy Kilmister bhon chòmhlan Motorhead. Bha e 70 bliadhna de dh'aois. Thuirt buill a' chòmhlain gun d' fhuair e fios air an là às dèidh na Nollaige gun robh fìor-dhroch aillse air. Dh'iarr iad air luchd-taic an ceòl aca a chluiche gu h-àrd mar dhìleab air beatha Lemmy.