Na mìltean gun chumhachd

Mapa a' BhBC
Image caption Mapa a' sealltainn stoirm Frank a' gluasad a dh'ionnsaigh na Rìoghachd Aonaichte.

Tha mu 5,000 dachaigh ann an ceann a tuath na h-Alba às aonais dealain agus stoirm Frank a' gluasad tron dùthaich.

Chaill 1,600 dachaigh ann an Earra-Ghàidheal, 600 dachaigh air a' Ghàidhealtachd agus 130 dachaigh sna h-Eileanan an Iar an dealan.

Thuirt SSE gu bheil iad an dòchas cumhachd a thilleadh dhan h-uile duine tron là.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil dùbhlan ann dhan luchd-obrach aca is a' ghaoth air 90 msu a ruighinn ann an cuid de sgìrean.

Còmhdail

Thug Frank buaidh cuideachd air còmhdail.

Gheibhear am fiosrachadh às ùr mu aiseagan air a' chosta an iar bho Chal Mac.

Dhùin an rathad eadar Inbhir Nis agus Ulapul - an A835 - ann an Gairbh an dèidh maoim-slèibhe a bhith ann.

Dh'fhaodadh a' mhaoim-slèibh buaidh a thoirt air seirbheisean rèile eadar Inbhir Nis agus Caol Loch Aillse cuideachd.

Tha rabhadh ann cuideachd do dhràibhearan a bhith faiceallach air an A82 is tòrr uisge air an rathad.