Bàs às dèidh teine ann an Stafainn
- Air fhoillseachadh
Thuirt na poilis gun deach corp fhaighinn ann an sprùilleach taigh a chaidh na theine san Eilean Sgitheanach Disathairne.
Cha b'urrainn dhan luchd-smàlaidh neo na poilis a dhol a-steach dhan togalach ann an Cille Mhoire ann an Stafainn aig an àm air sgàth nach robh e sàbhailte dhaibh sin a dhèanamh.
Cha deach ainm an neach fhoillseachadh gu h-oifigeil fhathast.
Thuirt na poilis gun do rinn iad fhèin is an t-seirbheis smàlaidh rannsachadh is nach eil iad amharasach mun chùis.
Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh