Trioblaid eile aig Loganair

Plèana Loganair

Chaidh dragh eile a thogail mu sheirbheis Loganair gu na h-eileanan às dèidh do phlèana a bhith air a chur gu Steòrnabhagh à Glaschu nach gabhadh na bha an dùil siubhail.

Bha 49 neach-siubhail air ticeadan a cheannach 'son siubhail air an t-seirbheis aig 12.35 feasgar Diciadain.

Cha robh àite air a' phlèana ach airson 32 duine.

Thuirt Loganair gun robh trioblaidean teicnigeach air a' phlèana a bha còir a bhith ann agus gun do chuir iad plèana nas lugha a Steòrnabhagh na àite.

Fhuair 17 neach-siubhail nach d'fhuair air bòrd a Ghlaschu dà uair a thìde as dèidh làimh air seirbheis eile.

Leisgeul

Dh'iarr a' chompanaidh air an luchd-siubhail an leisgeul a ghabhail.

Tha grunn thrioblaidean air bualadh air seirbheisean Loganair anns na mìosan a chaidh seachad, gu sònraichte a thaobh innleadairean is càraidh.

Thog aonadh nam poidhleatan, BALPA, dragh mun ghnothach.

B' fheudar do phleana Loganair a bh' air an t-slighe a Steòrnabhagh tilleadh a Ghlaschu Là na Sàbaid, às dèidh do sholas rabhaidh tighinn air mu cheò san t-seòmar-stiùiridh.

Na bu tràithe air a' mhìos, b' fheudar do dh'itealan a Shealtainn aon einnsean a stad mus do làigh e, às dèidh do sholas rabhaidh eile tighinn air.

Tuilleadh air an sgeulachd seo