Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Frank

B'fheudar do cheudan dhaoine na taighean fhàgail agus tha còrr 's 5,500 dachaidh ann an Alba fhathast gun dealain le buaidh na stoirm a thug gèile agus tuiltean do mhòran den dùthaich. Tha uisge trom an-diugh a' ciallachadh gu bheil mòran sgìrean ann an cunnart bho thuiltean, gu h-àraidh anns na Crìochan agus ann an Dùn Phris agus Gall-Ghaidhealaibh.

Còmhdail

Tha an droch shìde sin a' dèanamh trioblaid do luchd-siubhail an-diugh cuideachd le rathaidean fo thuiltean. Air a' Ghàidhealtachd, bha maoim-slèibhe air an A835 aig Gairbh, am prìomh rathad eadar Inbhir Nis is Ulapul, ach tha pàirt den rathad sin fosgailte a-rithist le solais trafaig ann. Ann an Earra-Ghàidheal, tha an A83 dùinte aig an Rest and Be Thankful. Bha maoim-slèibhe an sin cuideachd. Tha iad ag obair an-dràsta airson an rathad sin fhosgladh a-rithist. Ann an Struighlea, tha poilis anns an sgìre sin ag ràdh gu bheil trioblaid leis an rathad eadar Ceann Loch Èireann agus St Fillans, an A81, agus cuideachd eadar a' Chrìon-Làraich agus Cill Fhin, tha an dà rathad a tha sin dùinte agus tha na seirbheisean èiginn a' feuchainn ris na rathaidean sin fhosgladh.

Tha gaoth làidir a' toirt buaidh air seirbheisean aiseig cuideachd. Tha mòran de sheirbheisean Chal Mac a tha dheth uile gu leìr air neo air a bheil maill. Chaidh maill air an t-seòladh aig 1030 às Ulapul is tha a h-uile coltas ann gun toir e buaidh cuideachd air an t-seirbheis à Steòrnabhagh feasgar.

Oliver Letwin

Thàinig air a' Mhinistear Tòraidh, Oliver Letwin, leisgeul iarraidh airson beachd a thug e seachad anns an h-ochdadan air coimhearsnachdan dubha. Thuirt Mgr Letwin, ann an comhairle a thug e air Mairead Thatcher, ann an 1985, gur e droch bheachdan moralta am measg dhaoine dubha a bu choireach ri àimhreit sa choimhearsnachd aig Broadwater Farm ann an ceann a tuath Lunnainn. Tha cuid de bhuill Làbarach ag ràdh gum bu chòir dha Mgr Letwin a-nise beachdachadh air a dhreuchd fhàgail.

Heroin

Tha dùil ri fear ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Obair Dheathain an-diugh an dèidh do phoilis grèim a dhèanamh air luach £80,000 de heroin agus suim mhòr airgid aig dachaidh ann an sgìre Dyce sa bhaile an-dè. Thuirt na polais gu bheil duine, a tha 41, a' dol dhan chùirt fo chasaid mu dhrugaichean.