Urraman na Bliadhna Ùire

  • Air fhoillseachadh
Calina NicDhòmhnaill (clì)
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Calina NicDhòmhnaill à Carbost (meadhan an deilbh) am measg na fhuair BEM.

Chaidh urram Comandair Òrdugh Bhictoria (CVO) a bhuileachadh air Morair-Ionaid a' Chrùin sna h-Eileanan an Iar, Sandaidh MacMhathain.

Tha Mgr MacMhathain air a bhith na chathraiche air iomadh buidhinn phoblaich, na Fhear-Gairm air Comhairle nan Eilean Siar, agus na fhear-gnothachais ann an Steòrnabhagh.

Chaidh an t-urram Morair-Ionaid a' Chrùin a buileachadh air ann an 2001.

Tha ghrunn dhaoine eile bhon Ghàidhealtachd cuideachd a' nochdadh air Liosta Urraman na Bànrighinn airson na Bliadhna Ùire.

Nam measg tha a' faighinn duais OBE, tha Seumas Dunbar às Inbhir Nis, a stèidhich agus a tha na àrd-oifigear air New Start na Gàidhealtachd, a tha a' toirt taic-taigheadais agus trèanadh cosnaidh do dhaoine a th' ann an staing.

Thugadh OBE don Oll. Urr. Coinneach Ros às an Òban airson seirbheisean dhan Choimhearsnachd ann am Malàbhaidh, agus do cheanglan eadar an dùthaich sin agus Alba.

Fhuair an Dr. Sharon Webb bho Thaigh-Tasgaidh Chille Mhàrtainn ann an Cnapadal MBE.

Chaidh grunn bhonn BEM a thoirt seachad air Ghàidhealtachd cuideachd, nam measg Iain MacLeòid airson a bhith a' dèanamh obair shaor-thoilich an an Taigh-Tasgaidh Inbhir Pheofharain, agus Anndra MacCoinnich à Dòrnach airson seirbheisean sa choimhearsnachd.

Cuideachd a' faighinn BEM tha Calina NicDhòmhnaill à Carbost, airson seirbheis do ghnothachas agus gàirnealaireachdsan Eilean Sgitheanach agus ann an Loch Aillse.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e urram uabhasach mòr a th' ann, agus bha mise a' cantail rium fhìn, "carson mise?" thuirt Calina.

"Chan e mise an aon duine a tha airidh air seo. Tha tòrr tòrr dhaoine an sàs ann an gnìomhachas agus a' dèanamh rudan eile anns an sgìre, 's tha mi a' smaoineachadh gu bheil iadsan a cheart cho airidh, no 's dòcha barrachd, an t-urram seo fhaighinn.

"Tha e mar gum biodh, tha iad a' toirt aire dhaoine, dìreach gu bheil daoine ag obair anns a' ghnìomhachas timcheall, 's gu bheil daoine ag obair leotha fhèin anns a' ghnìomhachas an seo.

"Agus mar as trice, gu h-àraid ann an àiteachan iomallach anns na h-Eileanan agus air a' Ghàidhealtachd air fad, tha tòrr dhaoine, agus chan eil annta ach gnìomhachasan beaga.

"Tha daoine ag obair leotha fhèin agus tha iad feumach air aithne agus air cuideachadh agus air fiosrachadh.

"Tha mi an dòchas gun dèan seo 's dòcha beagan cuideachaidh dhaibh, agus 's dòcha togail inntinn dhaibh cuideachd," thuirt i.