Corp ga thoirt à Uisge Èireann
- Air fhoillseachadh
Chaidh corp fireannaich a lorg ann an Uisge Fionn Èireann ann am Moireibh.
Dhearbh na Poilis gun deach corp an duine, a bha sna 50an aige 's a bh' air a bhith ann an caidheag, a thoirt às an abhainn mu 09:00m Diardaoin.
Chaidh e ann an duilgheadas mu 10 mìle deas air Farrais, aig Creag an Ailbhein, feasgar Diciadain.
Chuir na Maoir-Chladaich iomairt theasairginn air dòigh, ach thàinig orra stad ri linn droch aimsire.
Chaidh innse da theaghlach.
Thèid aithisg gu Neach-Casaid a' Chrùin.