Bàs an Abhainn Gharadh

Tha fireannach air bàsachadh san osapadal an dèidh dha tuiteam a-mach à curaich air abhainn faisg air Inbhir Garadh.

Chaidh an duine, a bha 36 bliadhna de dh'aois, a thogail gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis Diardaoin, còmhla ri fireannach eile aois 18 bliadhna.

Bhàsaich am fear a bu shine dhiubh san ospadal. Chaidh am fear a b' òige a leigeil dhachaigh.

Chuireadh fios air teaghlach an fhir a bhàsaich.

'S e esan an dàrna duine a bhàsaich air aibhnichean a' chinn a tuath taobh a-staigh dà là, agus uisge mòr air sruthan làidir adhbharachadh.

Bhàsaich an duine eile ann an Uisge Èireann ann am Moireibh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo