Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tuiltean

Tha e coltach nach tug tuilleadh uisge an-raoir uimhir de dhroch bhuaidh 's a bha dùil air sgìrean anns an ear-thuath, ged a tha rabhadh air tuiltean fhathast ann. Ann am Bealadair, a dh'fhulaing gu dona an t-seachdain seo chaidh, cha do bhris Abhainn Dhè a bruaichean an turas seo, ged a tha coltas ann gu bheil seann chaisteal ainmeil anns na sgìre, Caisteal Obar Gheallaidh, faisg air a sguabadh air falbh.

IS

Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèine gu bheil iad a' sgrùdadh bhideo ùir bho IS anns a bheil fear le cainnt Bhreatannaich. Tha am bhideo a' sealltainn còignear gan cur gu bàs fo chasaid gun robh iad an sàs ann an obair-brathaidh do Bhreatainn. Tha an duine le cainnt Bhreatannaich ag ràdh gun do rinn Dàibhidh Camshron mhòr nuair a chuir e itealain chogaidh Bhreatannach an sàs an aghaidh IS ann an Siria agus Iorac, agus tha e a' maoidheadh gun toir IS ionnsaigh air Breatainn.

Saudi Aràibia

Tha Saudi Aràibia air tosgairan Ioràninanach òrdachadh a-mach às an dùthaich, agus tha an Riaghaltas Saudi air na ceanglaichean gu lèir a ghearradh ri Ioran. Thòisich àimhreit às ùr eadar an dà dhùthaich nuair a chaidh clèireach Shi'ia a chur gu bàs ann an Saudi Aràibia.

Na Làbaraich

Chaidh rabhadh do Cheannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, gum biodh e cunnartach dha buill a chur a-mach às a chaibineat ri linn 's nach eil iad ag aontachadh ris. Tha aithrisean ann gu bheil Mgr Corbyn am beachd dreuchdan atharrachadh, agus gum faodadh sin buaidh a thoirt air feadhainn mar Hillary Benn a chaidh an aghaidh Mhgr Chorbyn agus a chuir taic ri ionnsaighean Breatannach air IS ann an Siria.

Earrainnean

Thuit luach nan earraidhean air na margaidhean Eòrpach anns a' mhadainn an-diugh. Tha seo an dèidh do Shìona margaidh an ionmhais ann an Shanghai a dhùnadh tràth leis gun tàinig cha-mhòr 7.5% far luach nan earrainnean anns an àird an ear.

An t-Suain

Chuir an t-Suain casg air siubhail le saorsa eadar i agus an Danmhairg mar dhòigh air smachd a chur air in-imreachd. Tha ceanglaichean rathaid agus drochaidhean eadar an t-Suain agus an Danmhairg, agus gu ruige seo cha robh feum air cead-siubhail a shealltainn air na crìochan eadar an dà dhùthaich.