Tubaist a' dùnadh rathad air Ghàidhealtachd

Chaidh rathad air Ghàidhealtachd a dhùnadh ri linn "fìor dhroch thubaiste".

Thachair an tubaist mu 11:00m Diluain air an A832 mu 2.5 mìle an ear air ceann-rathaid Bhun Lòchaidh, san Eilean Dubh.

Tha na seirbheisean èiginneach an làthair.

Chan eil an còrr fiosrachaidh aig na Poilis aig an ìre seo.