Gairm nan rèitirean

Rèitear Image copyright SNS

Nì Comann na Camanachd oidhirp às ùr aig toiseach na Bliadhna Ùire rudeigin a dhèanamh mun trioblaid a th' aca le dìth rèitirean.

Tha Comann na Camanachd ag ràdh nach eil suidheachadh èiginn aca aig an ìre seo.

Dh'aidich iad ge-tà, gu bheil e na dhùbhlan dhaibh gach Disathairne rèitirean gu leòr fhaighinn.

Thàinig orra aig amannan iarraidh air rèitire dà gheama a dhèanamh san aon là.

Tàladh

Tha iad ag amas a-nise air mu 10 rèitirean ùra.

Bidh sreath de bhùithdean-obrach aca Disathairne ag amas air rèitirean a th' ann mar thà, agus feadhainn aig a bheil ùidh san obair.

'S ann an Glaschu, Inbhir Aora, An Gearasdan is Inbhir Nis a bhios na coinneamhan eadar 11:00m is 1:00f.

Bithear a' coimhead ri cuspairean leithid trèanadh, riaghailtean, tuarastal agus leasachadh.

Trèanadh

'S e toiseach-tòiseachaidh a bhios ann dha rèitearan ùra is thèid tuilleadh trèanaidh a chur air dòigh dhaibh mus tòisich seusan ùr na h-iomain sa Mhàrt.

Chaidh aontachadh aig Coinneamh Bhliadhnail a' Chomainn an-uiridh gum bi àrdachadh san airgead a tha rèitirean a' faighinn bho seo a-mach.

Gheibh iad a-nise £35 gach geama, suas bho £30, is 45p 'son gach mìle a tha iad a' siubhail gu geama, suas bho 40p.

Tha Comann na Camanachd ag iarraidh air duine sam bith le ùidh ann an rèitireachd fios a chur air Astie Camshron air 01463 715 931.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile