Bàs air rathad san Eilean Dubh
- Published
Chaidh a dhearbhadh gun do chaill fireannach a bheatha an dèidh tubaist-rathaid air a Ghàidhealtachd madainn Diluain.
Thachair an tubaist eadar dà chàr, air an A832 eadar Bun Lòchaidh, agus Abhach mu 11:00m.
Chaidh an duine a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir agus e air a leòn mu a cheann, ach bhàsaich e san ospadal.
Cha deach an dithis a bha a' siubhal sa chàr eile a dhroch ghoirteachadh.
Bha an rathad dùinte airson greis, agus obair-sgrùdaidh a' dol, 's dh'iarr na Poilis air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na thachair, a dhol thuca.