Obair gus tòiseachadh aig Ionad Chamas Chroise

Ceap ga ghearradh Image copyright Iomairt Chamas Chroise is Dhùisdeil
Image caption A' chiad cheap ga ghearradh.

Tòisichidh obair-togail Diluain air ionad coimhearsnachd ùr ann an Slèite.

'S ann an Camas Cros a bhios an t-ionad, is bùth, talla agus cafaidh gu bhith na chois.

Bheir e dachaidh ùr cuideachd dha Oifis a' Phuist, rud a tha a' cur dìon air a' ghoireas sin san sgìre.

'S e Iomairt Chamas Chroise is Dhùisdeil a th' air cùl a' ghnothaich.

Ciurm

Bha ciurm aca Disathairne gus an làrach fhosgladh gu h-oifigeil.

Nochd faisg air 50 duine, le clann a' gearradh a' chiad chip, le taic bho sheann chathraiche na h-iomairt, Donaidh MacFhionghuin.

Cosgaidh an leasachadh £1.9m is a' chompanaidh Compass Building and Construction Services os cionn na h-obrach.

"Tha sinn air a bhith ag obair a dh'ionnsaigh seo thairis air grunn math bhliadhnaichean, bho dhùin a' bhùth san sgìre", thuirt cathraiche na h-iomairt, Mark Wringe.

"Taic"

"Fhuair sinn taic fìor fìor mhath bhon Chrannchur Nàiseanta agus bho Chiste nan Coimhearsnachdan Cladaich.

"Bha cuideachd HIE, Comhairle na Gàidhealtachd, Urras MhicDhonnchaidh - bha iad uile gu math taiceil.

"Bha cuideachd iomadh duine a thug taic is comhairle dhuinn, agus na buidhnean a tha ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh an talla a chleachdadh, 'son is gum bi an t-àite gu math feumail don choimhearsnachd", thuirt e.

Thuirt Mgr Wringe gur e coimhearsnachd bheag a th' ann, is gu bheil na rinn iad a' sealtainn gun gabh leasachaidhean den t-seòrsa seo a thoirt gu buil àite sam bith air a' Ghàidhealtachd.

Thathas an dòchas gum fosgail an t-ionad aig Àm na Caisge 2017.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile