Storey a' fuireach

  • Air fhoillseachadh
Miles StoreyTùs an deilbh, SNS

Thàinig Caley Thistle gu aonta le Swindon Town gus Miles Storey a chumail gu deireadh an t-seusain.

Bha manaidsear ICT, Iain Hughes, air a ràdh gur e Storey a chumail a phrìomh amas.

Chuir Storey 8 tadhail bho ghluais e a dh'Inbhir Nis air iasad na bu thràithe air an t-seusan.

Thàinig fear dhuibh sin an aghaidh Ross County Disathairne seo chaidh.

Fuireach

Thuirt Storey, 22, gum b' fheàrr leis fhèin fuireach le Inbhir Nis.

Thuirt e nach robh e a-riamh a' cluiche cho math.

Bha e air iasad roimhe aig Salisbury City, Shrewsbury Town, Portsmouth is Newport County.

Thig a chùmhnant aig Swindon gu ceann aig deireadh an t-seusain.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh