Taic dha Gàidheil thall thairis?

Acarsaid Rubha Fhionnlaidh Image copyright Eile

Am bu chòir dha Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt dhan Ghàidhlig thall-thairis?

'S e sin a' cheist a tha a' tighinn bhon Oll. Rob Dunbar aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Tha taic Riaghaltais dhan chànan air fàs mean air mhean anns na deichean bhliadhnaichean mu dheireadh.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne an-uiridh air 50 bliadhna bho chaidh Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean a stèidheachdh, thog a' chiad Rùnaire a bh' air a' bhòrd, Iain MacAsgaill, air taic-airgid Riaghaltais dhan Ghàidhlig.

Iarrtas

A rèir Mhr MhicAsgaill, thàinig £3,000 an toiseach às dèidh iarrtais bhon Bhòrd-Leasachaidh.

Bha iomadh riaghaltas aig Westminster is Holyrood bhon uairsin is an taic dhan Ghàidhlig air sìor fhàs.

An-diugh, tha còrr is £20m ga chosg air a' chànan gach bliadhna.

Ach càite bheil dleastanas nan ùghdarrasan dhan chànan a' stad?

Crìochan

A rèir an Oll. Dunbar, fear de Ghàidheil Chanada e fhèin, tha nas fhaide na crìochan na h-Alba.

Thuirt e gu bheil Riaghaltas na h-Èireann air taic a chur ri ionnsachadh na Gaeilge ann an oilthighean thall thairis.

Thog e cuideachd air an taic a tha Riaghaltas na Cuimrigh a' cur ris a' Chuimris ann am Patagonia.

Thàinig fàs air na tha ag ionnsachadh na Cuimris san sgìre bho thòisich Oifis na Cuimrigh, is an uairsin Riaghaltas na Cuimrigh air taic-airgid a thoirt dhan chànan.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Aithris Kerr Gibb air beachd an Ollaimh Dunbar.

"Anns a' Chuimrigh tha iad mothachail air cho cudromach 's a tha a' choimhearsnachd (ann am Patagonia), an aon choimhearsnachd far a bheil an cànan beò taobh a-muigh na Cuimrigh, agus cuideachd air na ceanglaichean eachdraidheil làidir a th' ann," thuirt an t-Oll. Dunbar.

"Tha na h-aon cheanglaichean aig Alba agus aig a' Ghàidhealtachd ri iomadach àite air feadh an t-saoghail, gu h-àraid ann an Canada.

"Chanainn gu bheil dleastanasan eadar-nàiseanta air Riaghaltas Bhreatainn agus Riaghaltas na h-Alba fo Chàirt Eòrpach nam Mion Chànan.

"Aon de na geallaidhean a thug an Riaghaltas seachad, 's e a bhith a' toirt taic do choimhearsnachdan agus iomairtean ionnsachaidh thall thairis.

"Buannachd"

"Tha mi a' smaoineachadh gum biodh e na buannachd nam biodh an Riaghaltas againne a' cur rudeigin susbainnteach air dòigh gus na geallaidhean sin a choileanadh", thuirt e.

Gu follaiseach, dh'fhaodadh an leithid a bhith connspaideach.

Tha gu leòr ann mar thà a tha tuilleadh is deònach an guthan a thogail an aghaidh airgead a bhith air a chosg air a' Ghàidhlig fiù 's ann an Alba fhèin.

A rèir an Oll. Dunbar ge-tà, 's e ceum a tha seo a bu chòir Riaghaltas na h-Alba a ghabhail.

"Mothachail"

"Tha Riaghaltas na h-Èireann gu math mothachail gum bi buannachdan ann.

"Chan e dìreach turasachd - daoine a tha ag ionnsachadh na Gaeilge, tha iad dualtach a bhith a' tighinn a dh'Èirinn air làithean-saora gus barrachd ionnsachadh, ach cuideachd tha e ag àrdachadh ìomhaigh na dùthcha ann an dòigh a tha fàbharach.

"Tha Riaghaltas gach dùthaich a' maoineachadh diofar iomairtean thall thairis air adhbharan a tha ceangailte ri deagh rùn a chruthachadh thall thairis, ach cuideachd air adhbharan practaigeach - ainm agus cliù agus inbhe na dùthcha àrdachadh thall thairis.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn a' call cothrom sin a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba", thuirt e,

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile