Creag an Rest air a spreadhadh

An A83 aig an Rest and Be Thankful

Chaidh creag mhòr os cionn an A83 aig an Rest and Be Thankful a spreadhadh.

Bha dùil nach deadh an obair air adhart, agus ceò air a dhèanamh ro chunnartach.

Ach chaidh an spreadhadh air adhart aig 4:00f Diciadain.

Chaidh an rathad a dhùnadh faisg air an Rest and Be Thankful Diluain, agus iomagain ann gun tigeadh a' chreag, anns an rohb 150 tunna de chuideam, a-nuas air an rathad.

B' ann mu 175 meatar os cionn an rathaid a bha i.

Chuireadh acairean an sàs timcheall air a' chreig mus deach a spreadhadh.

Tha an t-slighe èiginn tro Ghleann a' Chrò fosgailte eadar 09:00m is 4:30f.