Còrr 's 200 'son a' Chomhairle fhàgail

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt fear de na comhairlichean a th' ann an sgioba bhuidseat Roinn na Gàidhealtachd gu bheil còrr 's 200 duine air an ainm a chur air adhart airson an dreuchdan fhàgail gu saor-thoileach.

Chuir a' Chomhairle an sgeama air dòigh air a' mhìos a chaidh seachad, 's feum aca air £50m a chùmhnadh ann an 2016/17.

Thuirt an Comh. Bill Fernie cuideachd gun caill eadar deichnear agus 12 dhuine aig a bheil na dreuchdan as àirde sa Chomhairle an cosnadh.

Fàgaidh sin gun tig cruth-atharrachadh air seirbheisean poblach an ùghadrrais.