Adhartas air àireamh thidsearan

  • Air fhoillseachadh
Teagasg

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd fàilte, gu ìre, air an naidheachd gun tèid còrr 's £2m a chosg gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh a dhol an sàs ann an teagasg.

Thuirt Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim ge-tà, gum feumar barrachd a dhèanamh san ùine ghoirid agus cion luchd-teagaisg na dhuilgheadas mòr dhaibh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum bi àite ann do chòrr 's 250 oileanach a bharrachd a tha airson ceum a thoirt a-mach ann an teagasg as t-Samhradh seo tighinn.

Gabhaidh seo dèanamh aig oilthighean air feadh na dùthcha.

Tha iad gu h-araid ag iarraidh dhaoine air Ghàidhealtachd agus ann an sgìre Obar Dheathain, agus cion luchd-teagaisg na dhuilgheadas mòr anns na sgìrean sin.

Thuirt Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd, Drew Mac a' Mhuilleir, gun dèan e feum san ùine fhada, ach gur ann a tha taic agus cuideachadh a dhìth an-dràsta fhèin.

Tha dragh mòr air Mgr Mac a' Mhuilleir nach bi luchd-teagaisg gu leòr ann as t-Samhradh, agus 90 duine a dhìth orra an-dràsta fhèin.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh gun tèid an àireamh de luchd-teagaisg a chumail aig an ìre aig a bheil e.

Tha iad cuideachd airson 's gum bi bun-sgoilearan a' faighinn barrachd oideachaidh.

Thuirt Mgr Mac a' Mhuilleir gum fàg sin fhèin gum bi 30 tidsear a bharrachd a dhìth orra.