Sgrùdadh aig an Rest

An A83 aig an Rest and Be Thankful

Tha sgrùdadh mionaideach ga dhèanamh air dè dìreach cho soirbheachail 's a bha iomairt Diciadain gus creag a sgoltadh os cionn an A83.

Bha dragh ann gun tigeadh a' chreag a-nuas air an rathad.

Chaidh a spreadhadh feasgar Diciadain ach leis cho dorcha 's a bha i air fàs, chan eil eòlaichean cinnteach fhathast an do shoirbhich an spreadhadh gu tur.

Thuirt a' chompanaidh a tha an urra ris an rathad, Bear Scotland, gum feum iad sùil a thoirt air aon phìos mhòr de na th' air fhàgail den chreig.

Nì iad co-dhùnadh an uairsin a thaobh fosgladh an rathaid mhòir.

Bidh siostam conbhoidh a-rithist air seann rathad an airm aig an Rest and Be Thankful nuair a thèid fhosgladh a-rithist aig 09:00m Diardaoin.