Teagamh mu chompanaidh adhair phoblaich

Raon-laighe

Chuir fear aig a bheil eòlas mòr air seirbheisean adhair air Ghàidhealtachd teagamh sa bheachd gum bu chòir do bhuidhnean poblach a' chinn a tuath companaidh a stèidheachadh a bhiodh a' farpais ri Loganair.

Bha Bob MacLeòid na chathraiche 's na àrd-oifigear air Highland Airways agus na àrd-stiùiriche air Companaidh Phort-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, HIAL.

Thuirt esan gun cosgadh e £20m, air a' char as lugha, companaidh ùr a chur air bhonn.

Agus thuirt e ged a bhiodh farpais ann, gur ann aig Loganair a bhiodh làmh an uachdair air a' cheann thall.

Tuilleadh air an sgeulachd seo