Sìne Urchadain gus seasamh 'son Rise

Sìne Urchadain Image copyright Rise

Dhearbh am BPA Gàidhealach, Sìne Urchadain, gun seas i aig taghadh na Pàrlamaid Albannaich sa Chèitean às leth na buidhne Rise.

Chaidh Rise a stèidheachadh an-uiridh mar cho-bhanntachd air an làimh chlì.

Tha iad cuideachd a' cur taic ri neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Chaidh Sìne Urchadain a thaghadh mar bhall-liosta dhan SNP aig an taghadh ann an 2011.

Dh'fhàg i an SNP còmhla ri ball eile air a' Ghàidhealtachd aig Holyrood, Iain Finnie, ann an 2012.

Mì-thoilichte

Bha an dithis mì-thoilichte nach biodh an SNP tuilleadh a' cur an aghaidh NATO.

Bha iad nam buill neo-eisimeileach aig Holyrood bhon uairsin.

Bidh Sìne Urchadain aig mullach liosta Rise air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh dearbhadh roimhe gun seas Iain Finnie mar thagraiche dhan Phàrtaidh Uaine.

Bidh esan cuideachd aig mullach na liosta acasan.