Ionad na Marc-Innse ga ghlèidheadh

Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid Ionad Coimhearsnachd na Marc-Innse ann an Inbhir Nis a ghlèidheadh is Comhairle na Gàidhealtachd air am beachd atharrachadh.

Bha an t-ùghdarras air planaichean fhoillseachadh gus an togalach a leagail is goireas ùr luach £10m a chur na àite.

Bha iad air £2m iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba 'son na pròiseict.

Cha robh muinntir na sgìre air an dòigh mun phlana is iad a' fàgail air a' Chomhairle nach do rinn iad conaltradh ceart.

A rèir luchd-iomairt, tha an t-ionad a th' ann feumail dha-rìribh dhan choimhearsnachd.

Thuirt iad gu bheil còrr 's 40,000 duine a' cur an ionaid gu feum gach bliadhna.

Bha iad cho feargach agus gun robh iad ag iomairt taobh a-muigh oifisean na Comhairle air a' mhìos a chaidh seachad.

Bha dragh ann cuideachd gum biodh an t-ionad ùr ro mhòr.

Tha a' Chomhairle a-nise air innse gun tèid na planaichean a chur an dàrna taobh.

Thuirt oifigich gum feuch iad ri planaichnean a thoirt air adhart 'son ionad teaghlaich is goireasan ùra spòrs àiteigin eile sa Mharc-Innis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile