Treanaichean gus tilleadh Diluain

Loidhne rèile Image copyright Virgin

Thuirt ScotRail gu bheil iad an dòchas gun tòisich seirbheis rèile àbhaisteach eadar Inbhir Nis is Peairt a-rithist madainn Diluain.

Tha busaichean air a bhith a' ruith eadar an dà bhaile bho rinn Stoirm Frank sgrios air an loidhne rèile.

Thuirt ScotRail gu bheil an luchd-einnsiniridh aca air a bhith ag obair là 's dh'oidhche ann an droch shìde gus an loidhne a chàradh.

Bu chòir gum bi an loidhne fosgailte Diluain.

San eadar-ama leanaidh na busaichean eadar Inbhir Nis is Peairt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile