Pleana
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceist mu chompanaidh adhair ùir

8 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh teagamh a chur ann am beachd gum bu chòir buidhnean poblach a Chinn a Tuath companaidh a stèidheachadh a bhiodh a' farpais ri Loganair.

Thuirt Bob MacLeòid, a bha na cheannard air Highland Airways, gun cosgadh sin suim mhòr agus gun dèanadh Loganair strì làidir an aghaidh an leithid.

Aig a' cheart àm, tha luchd-iomairt son faraidhean-adhair nas cothromaiche air gearain gu h-oifigeil mu na cosgaisean àrda a thig air daoine a phàigheas 'son tiocaid Loganair le cairt creideis