BBC Naidheachdan

Stokes 'son Inbhir Nis?

Published
image copyrightSNS
image captionCha do chòrd an turas mu dheireadh aige a dh'Inbhir Nis ri Anthony Stokes, ach a bheil e gus tilleadh ann an dathan Chaley Thistle?
Dhearbh Iain Hughes gu bheil Caley Thistle airson Anthony Stokes a thoirt à Celtic air iasad.
Cha do chluich Stokes ach aon gheama lìge do Celtic air an t-seusan seo.
Chaidh a chasg leis a' chluba fad cola-deug san Dùbhlachd às dèidh ghearain air Twitter mu dhìth chothroman.
Sgaoil Stokes an tweet nuair a chaidh fhàgail a-mach às an sguad 'son geama ann an Inbhir Nis.

Eòlach

Tha Hughes eòlach gu leòr air Stokes.
'S e a thug an t-Èirinneach a dh'Alba an toiseach nuair a bha e os cionn na h-Eaglaise Brice.
Bha Stokes soirbheachail an sin, agus a-rithist nuair a bha e fo stiùir Hughes aig Hibs.
"Tha sinn air faighneachd mu dheidhinn, ach tha cuideachd sgiobaidhean eile air faighneachd mu dheidhinn", thuirt Hughes.
"Chuir e tadhail dhomh roimhe. Tha fios a'am ciamar a gheibh mi a chuid as fheàrr às agus ciamar a chumas mi smachd air", thuirt e.
Tha sgiobaidhean eile ann an Alba agus Sasainn cuideachd air ùidh a shealltainn ann an Stokes.

Cùis-lagha

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt eòlaiche a' bhuill-choise, Ailig O'Henley, nach robh dùil gun gluais cùisean gus an tèid cùis-lagha an aghaidh Stokes ann an Èirinn a rèiteach.
Thuirt Mgr O'Henley cuideachd gum b' fheàrr le Celtic Stokes a chur gu cluba ann an Sasainn.
Tha Caley Thistle cuideachd air dearbhadh gu bheil Tobi Sho-Silva air tilleadh gu Charlton Athletic.
Tha Miles Storey, fear eile a thàinig thuca air iasad à deas, air aontachadh fuireach le Inbhir Nis gu deireadh an t-seusain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Storey a' fuireach