Cron eaconamach à mì-chinnt aiseig

MV Coir' Uisg'

A rèir Fòram Còmhdhail Shlèite, tha a' mhì-chinnt mun t-seirbheis aiseig as t-Samhradh eadar Armadal is Malaig a' dèanamh cron air gnìomhachas san sgìre.

Tha a' bhuidheann a' cur an aghaidh atharrachaidhean san t-seirbheis leithid mar a thathas a' moladh soitheach eile airson na seirbheis an àite an MV Coir' Uisg'.

Cha deach clàr ama oifigeil fhoillseachadh fhathast.

"Tha sinn airson gun tèid an Coir' Uisg' a chur air ais ann an seo mar a bha i bho chionn 12 bhliadhna," thuirt Cathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite, Ruairidh Moireach.

"Tha i air seirbheis mhath dha-rìribh a thoirt seachad an seo a h-uile Samhradh bho thàinig i.

Trafaig

"Agus cuideachd gum bi MV Lord of the Isles a' dèanamh seirbheisean, trì no ceithir de sheirbheisean a-mach tron là, airson gun dèan i a' chùis air na tha de thrafaig gu bhith a' bharrachd air an t-slighe seo air sgàth gu bheil na faraidhean a' fàs cho saor.

"Bha coinneamh aig a' Bhall-Pàrlamaid Albannach againn fhèin, Dàibhidh MacThòmais, ris a' mhininstear, 's ri Còmhdhail na h-Alba agus ri Cal Mac, agus tha sinn a' feitheamh ris gun cluinn sinn dè tha a' dol a thachairt mu dheidhinn sin.

"B' fheàrr leam gum b' urrainn dhomh a ràdh gu bheil sinn dòchasach.

"Tha dòchas againn fhad 's nach cluinn sinn nach eil iad a' gabhail rinn," thuirt e.

Thuirt Cal Mac gu bheil iad mothachail air beachdan muinntir na sgìre air a' chlàr-ama Samhraidh a chaidh a mholadh airson Malaig is Armadal agus gu bheil iad an-dràsta a' coimhead air grunn atharrachaidhean a bheir seirbheis a fhreagras an dà chuid air feumalachdan luchd-tadhail agus eileanach.