Riaghaltas a' dìon radhaid ùir an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
AirgeadTùs an deilbh, Getty Images

Chuir Riaghaltas na h-Alba dìon air am planaichean mu £65m a chosg air rathad a bhios a' ceangail an A9 ris an A96 ann an Inbhir Nis.

Bha BPA Neo-eisimeileach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Iain Finnie, air teagamh a chur sna planaichean 's e ag ràdh gum b' fheàrr an t-airgead a chosg air pròiseactan bun-structair air feadh a' chinn a tuath. Ghabh e "am Mìle Millteach" air an rathad ghoirid.

A' bruidhinn sa Phàrlamaid Albannaich Diardaoin, thuirt Mgr Finnie gu bheil iomadh rathad, drochaid, cala, cidhe agus laimrig air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a tha feumach air càradh, agus gun robh iongnadh air mòran dhaoine gun robh an Riaghaltas a' toirt prìomhachais do bhith a' cosg na h-uimhir de dh'airgead air "a' mhìle mhillteach".

Tha luchd-iomairt san sgìre a tha a' cur an aghaidh an rathaid a' cumail a-mach nach sàbhaileadh an rathad ùr - a dheadh a chur tro sgìre far a bheil dùil pàirc a stèidheachadh - ach 20 diog no mar sin far uairean siubhail aig na h-amannan as trainge.

Ach thuirt Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, gun robh an sgeama na "phàirt cudromach de phlanaichean bhun-structair Inbhir Nis".

Thuirt e cuideachd gun deach an rathad a dhealbh le sùil ri leasachaidhean taigheadais agus cosnaidh san sgìre, ann am baile a tha "a' fàs gu luath".

Thuirt e gun dèanadh e milleadh air lìonra rathaidean na sgìre mura deadh airgead a chur an sàs san sgeama.