Muc-mhara Thiriodh
- Air fhoillseachadh

Thuirt eòlaichean gun deach muc-mhara a thàinig air tìr ann an Tiriodh a bhàthadh.
Dh'innis iad gun deach am mamal a ghlacadh an toiseach ann an stuthan iasgaich.
Chaidh a closach a lorg air an 3mh den Fhaoilleach.
Thùirt eòlaichean bho Cholaiste Dhùthchail na h-Alba gur e madadh-cuain a bh' ann.
Tearc
Bha i am measg buidhne bige de na madaidhean-cuain ann an uisgeachan Bhreatainn.
Thuirt a' Cholaiste gur e tàmailt a bh' ann, ach gu bheil am bàs a' toirt cothrom dhaibh barrachd ionnsachadh mu na mamalan seo.
Bha Urras Mhucan-Mara is Leumadairean Innse Gall roimhe a' leantainn na muice-mara seo, is iad a' gabhail 'Lulu' oirre.
Thuirt an t-Urras gur dòcha nach eil air fhàgail ach mu ochd de na madaidhean-cuain am Breatainn.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh