Slaic air SSE
- Air fhoillseachadh

Thug comhairliche à Steòrnabhagh slaic air a' chompanaidh SSE.
Tòisichidh sreath de thaisbeanaidhean aig SSE mu bhochdainn connaidh ann an Steòrnabhagh is Barabhas Diluain.
Bidh coinneamhan eile air feadh nan Eilean Siar tron t-seachdain.
Thuirt an Comh. Aonghas MacCarmaig ge-tà, nach eil SSE a' dèanamh gu leòr airson daoine a tha a' fulang bochdainn connaidh a chuideachadh.
Sanasachd
A rèir Mhgr MhicCarmaig, cha deach na coinneamhan a shanasachd ceart.
Thuirt e mar sin gu bheil e ro fhadalach do dhaoine a bhith an làthair.
Thuirt SSE gum bi luchd-obrach aca aig na bùithdean-obrach 'son stiùireadh a thoirt do dhaoine.
Dh'innis iad gum bi fiosrachadh aca mu sgeamaichean taice agus comhairle do dhaoine air mar a phàigheas iad na cunntasan aca.
Bidh na bùithean-obrach uile ann eadar 6:00f is 8:00f.
Coinneamhan
Diluain bidh SSE ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh agus ann an Ionad Coimhearsnachd Bharbhais.
Bidh iad Dimàirt ann an Sgoil Lionacleit agus Taigh-Òsta na Hearadh.
Diciadain bidh iad ann an Ionad Coimhearsnachd Bhàgh a' Chaisteil agus Taigh-Òsta na Creige Àirde.
Thig na coimmhean gu ceann Diardaoin an Ionad Coimhearsnachd Ùige is Ionad Rubha an Fhithich.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 Am Màrt 2015
- Air fhoillseachadh13 An Lùnastal 2014