Còig bliadhna prìosan do Bhilly Irving
- Air fhoillseachadh

Tha cùirt anns na h-Ìnnseachan air binn prìosain còig bliadhna a thoirt do Bhilly Irving, a bhuineas do dh'Earra-Ghàidheal, airson spùinneadaireachd, am measg chasaidean eile.
Tha Mgr Irving am measg sianar fhireannach Breatannach, agus 30 duine eile, a tha air a bhith an grèim fad dà bhliadhna a-nise anns an dùthaich.
Bha na fir ag obair do chompanaidh mhara Aimeireaganaich, a' dìon shoithichean an aghaidh spùinneadaireachd anns a' Chuan Ìnnseanach, nuair a thugadh an grèim iad san Damhair 2013.
Chaidh na fir, a bha ag obair air bòrd an MV Seamanguard Ohio fhaighinn cionntach de a bhith ann an uisgeachan nan Ìnnseachan gun chead, agus a bhith a' cleachdadh ghunnaichean nach robh clàraichte mar a bu chòir.