Bòrd a' sireadh ceannaird ùir

  • Air fhoillseachadh
Bòrd na Gàidhlig

Chuir Bòrd na Gàidhlig sanas a-mach 's iad a' sireadh ceannaird ùir.

Tha sgioba eadar-amail air a bhith a' ruith a' Bhùird o leig an t-seann cheannard, Iain Caimbeul, dheth a dhreuchd san Ògmhios.

"Tha deich bliadhna air a dhol seachad on chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus rinneadh mòran adhartais sna deich bliadhna sin," thuirt Cathraiche a' Bhùird, Ailean Dòmhnallach.

"Tha sinn a-nis a' sireadh Ceannaird ùir a thogas air a' bhunait sin agus a bhios na stiùiriche brosnachail air a' bhuidhinn.

"Tha sinn a' coimhead airson cuideigin a tha misneachail agus dealasach a bheir air adhart prìomhachasan Bhòrd na Gàidhlig agus a dh'obraicheas gu dlùth leis a' choimhearsnachd Ghàidhlig, gu h-àraidh a thaobh a bhith a' dealbh a' Phlana Chànain Nàiseanta Ghàidhlig ùir agus an Stiùireadh airson Bile an Fhoghlaim (Alba) 2015," thuirt e.

Tha am fear a th' air a bhith ag obair mar Cheannard eadar-amail, Joe Moore, air tilleadh gu Dualchas Nàdair na h-Alba, far a bheil e na Stiùiriche Sheirbheisean Corporra.

Sa eadar-ama coileanaidh Brus Robasdan, ball den sgioba cheannais eadar-amail, dreuchd a' Cheannaird agus an Oifigeir Chunntachail, fhad 's a bhios am Bòrd an sàs sa phròiseas taghaidh.