Ionnsaigh air sgoilearan Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh
Àrd-Sgoil Phort RìghTùs an deilbh, John Allan/Geograph

Thugadh ionnsaigh air bus a bha a' giùlain chloinn-sgoile Sgitheanaich agus e ga dhràibheadh tro phort Chalais anns an Fhraing madainn na Sàbaid.

Bha am bus a' toirt nan sgoilearan dhachaigh an dèidh turais sgithidh anns an Eadailt.

Thuirt an Comh. Drew Millar, a tha a' riochdachadh an Eilein Sgitheanaich agus a tha cuideachd na Chathraiche air Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd, nach deach na sgoilearan à Àrd-Sgoil Phort Rìgh, a ghoirteachadh.

Thuirt e gun deach milleadh a dhèanamh air a' bhus 's e ga dhràibheadh air falbh bhon fheadhainn a thug an t-ionnsaigh.

Tha am pàipear naidheachd an Daily Record air aithris gun do ghabh aon de na sgoilearan grèim tuiteamach nuair a thilg luchd-imrich clachan air a' bhus, 's gun deach uinneagan a bhriseadh.

"'S e am fiosrachadh a th' agamsa, gun tug luchd-imrich ann an Calais ionnsaigh air a' bhus fhad 's a bha e a' toirt nan sgoilearan tron bhaile," thuirt Mgr Millar.

"Chaidh milleadh a dhèanamh air a' bhus, agus chaidh aca air cumail orra. Gu fortannach cha deach duine a ghoiteachadh."