Rabhadh do Chounty

County is Dùn Phàrlain Image copyright SNS

Thuirt manaidsear Ross County, Jim Mac an t-Saoir, gum feum an sgioba aige cluich tòrr nas fheàrr an aghaidh Dhùn Phàrlainn a-nochd ma tha iad 'son adhartas a dhèanamh an Cupa na h-Alba.

Bha na sgiobaidhean co-ionnan 2-2 aig Pàirc East End Disathairne.

'S ann air èiginn, ge-tà, a theich County à Fìobha gun a dhol a-mach à Cupa na h-Alba.

Bha ceist mhòr gu sònraichte mun dàrna tadhal aca is coltas ann gun do shlaod Brian Greumach Jason Talbot gu talamh goirid mus d' fhuair County breab-peanais.

Cothroman

A bharrachd air sin, bha sreath de chothroman aig Dùn Phàrlainn, a tha dà lìog fo Ross County, gus an geama a bhuannachadh.

"Feumaidh sinn a bhith nas fheàrr air feadh na pàirce", thuirt Jim Mac an t-Saoir, a bha roimhe e fhèin os cionn na Pars.

"Feumaidh tu Dùn Phàrlainn a mholadh 'son mar a chluich iad, ach bidh sinn nas fheàrr Dimàirt na bha sinn Disathairne.

"Chunnaic sinn air an deireadh-sheachdain cho cunnartach agus as urrainn na geamaichean cupa seo a bhith.

"Fìor mhath"

"Bha Dùn Phàrlainn fìor mhath ach faodaidh sinne a bhith tòrr nas fheàrr.

"Ma nì sinn sin, tha mi misneachail gun tèid sinn troimhe", thuirt e.

Tha dùil gum bi County a-rithist às aonais Liam Boyce is Craig Curran ann an Inbhir Pheofharain a-nochd.

Mar sin, tha e coltach gum bi Alex Schalk agus Brian Greumach aig an aghaidh a-rithist.

Aithreachas

Thig Dùn Phàrlainn gu tuath làn aithreachais nach do bhuannaich iad Disathairne.

Bidh misneachd gu leòr aca cuideachd, ge-tà, is iad gun geama idir a chall ann am farpais sam bith bhon Damhair.

Tha iad gu sònraichte cunnartach aig an aghaidh is Faissal El Bakhtaoui, Mìcheal Moffat is Joe Cardle air dragh mòr a chur air County Disathairne.

Bidh an sgioba a bhuannaicheas a-nochd an aghaidh Forfar Athletic no Linlithgow Rose san ath-chuairt.