Dragh mòr mu aiseag Shlèite
- Air fhoillseachadh

Tha dragh mòr air muinntir chinn a deas an Eilein Sgitheanaich nach bi an t-seirbheis aiseig cho seasmhach 's a bha i agus gun sguir daoine ga cleachdadh.
Bha Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Shlèite, Ruairidh Moireach, a' bruidhinn agus Còmhdhail na h-Alba a' dearbhadh nach bi am bàt-aiseig a th' air a bhith a' seòladh eadar Malaig agus Aramdail fad dusan bliadhna, an MV Coir' Uisg', air an t-slighe tuilleadh as t-Samhradh.
An àite slighe na Linne Slèitich, bidh i a' dol eadar an t-Òban agus Muile - aiseag a chleachdas barrachd dhaoine na chleachdas aiseag Shlèite.
Gabhaidh dà shoitheach nas bige, MV Lochinvar agus MV Bhrùsda, an t-slighe thairis, leis an MV Lord of the Isles ga toirt a-steach aig àmannan trang.
Two smaller vessels the MV Lochinvar and MV Bhrusda will instead serve the Armadale Mallaig route.
"'S e briseadh-dùil mòr a th' ann dhuinne gur e seo a-nis a tha na rùn," thuirt Mgr Moireach.
"Bhon tha sinn air a bhith a' feitheamh ceithir mìosan bho thàinig a' chiad bhrath a-mach bhon mhinistear ag radh gun robh iad a' tighinn a bhruidhinn rinn, a dhèanamh conaltraidh rinn, agus a dh'fhaighneachd dhuinn dè ar beachd.
"Cha tàinig iad a bhruidhinn rinn, cha deach còmhradh sam bith a dhèanamh rinn mu dheidhinn seo.
"Tha seo air a sparadh oirnn. Tha iad air an aiseag a bh' againn bho chionn 12 bhliadhna a thoirt air falbh - an aiseag a bha a' còrdadh ris a h-uile duine 's a bha a' toirt seirbheis uabhasach math dhan àite, agus a' cur seann aiseagan, air nach eil goireasan sam bith, a tha nas slaodaiche, agus nach eil a' tarraing faisg uimhir de chàraichean 's a bha an tè a bh' ann.
"Tha sin a' cur sìos na seirbheis gu mòr.
"Chan eil iad air èisteachd ri aon fhacal a thuirt sinn riutha, agus tha iad dìreach ag ràdh rinn 'gabhaibh ris no fàgaibh e, chan eil an còrr an seo dhuibh'", thuirt e.
Tha dùil gum bi barrachd dhaoine a' feuchainn thar na Linne Slèitich as t-Samhradh seo na bha roimhe ri linn faraidhean RET a bhith air an t-slighe, agus tha dragh air a' Chomhairle Choimhearsnachd gum bi cuid a' tilleadh dhachaigh, gun feuchainn air Slèite ri linn nach bi rùm air an aiseag dhaibh.