Iomairt-teasairginn far Dhùthaich MhicAoidh

  • Air fhoillseachadh
Bàta-teasairginn Inbhir TheòrsaTùs an deilbh, RNLI/Karen Munro

Tha bàta-teasairginn agus sgiobannan mhaor-cladaich air a bhith a' siubhail pairt de chosta Dhùthaich MhicAoidh an dèidh aithrisean gum facas paraisiùt a' teàrnadh os cionn Chuan nan Orc.

Chuireadh bàta-teasaiginn Inbhir Theòrsa gu muir aig 6:40f Diluain, a choimhead mu Rubha Sandside.

Rinn maoir-chladaich na sgìre, agus heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh cuideachd sgrùdadh san sgìre, ach cha deach dad a lorg.

Chuireadh am bàta-teasairginn air ais gu port mu 9:00f.

An dèidh dha tuilleadh connaidh a thoirt air bòrd, rinn an heileacoptair sgrùdadh eile mus do thill e a Steòrnabhagh.