Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Istanbul

Bha speadhadh mòr ann an Istanbul anns an Tuirc, an an ceàrnaidh eachdraidheil den bhaile air a bheil mòran luchd-turais a' tadhal. Thuirt Ceannard a' bhaile gun deach deichnear a mharbhadh agus deugachadh eile a ghoirteachadh. Tha e coltach gun robh luchd-turais às a' Ghearmailt agus à Nirribhidh am measg na chaidh a leòn.

Siria

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gum feumar ceudan dhaoine a ghluasad a-mach à baile Madaya ann an Siria airson cobhair meidigeach a dhèanamh orra ann an èiginn. Ràinig cobhair an-dè am baile far a bheil 40,000 duine air a bhith glacte fo shèist agus còrr is dà mhìos ann bho fhuair iad biadh ceart mu dheireadh.

Dotairean air Stailc

Tha dotairean aig ospadail Shasainn air stailc an-diugh 's iad mì-thoilichte mun atharrachadh a tha an Riaghaltas a' toirt air na cùmhnantan obrach aca. Cuiridh an stailc, a thòisich aig 08:00m agus a mhaireas 24 uairean, stad air obair-lannsa ann an ospadail air feadh Shasainn.

Morrisons

Dh'innis a' chompanaidh bhùthainnean Morrisons gun do rinn iad gu math nas fheàrr na bha dùil aca aig àm na Nollaige, agus nas fheàrr na rinn iad aig an aon àm a' bhòn-uiridh. Bha na reic iad suas 2%, ged a bha dùil ri call leis na tha de dh'fharpais sa mhargaidh bho bhùthainnean eile den aon sheòrsa.

Aiseag Shlèite

Thàinig dearbhadh bho Chaledonian Mac a' Bhriuthainn gum bi iad a' toirt a' bhàt-aiseig an MV Coir' Uisg' far na slighe eadar Malaig is Armadal, agus a cur eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair air seirbheis an t-Samhraidh. Tha dùil ri àrdachadh mòr air àireamhan an luchd-siubhail nuair a thòisicheas faraidhean RET air an t-slighe sin, ach tha gearain ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich nach eil Cal Mac ag èisteachd ri dragh gun toir sin droch bhuaidh air an t-seirbheis acasan.

Tuath-Gaoithe

Tha comhairlichean Gàidhealach a' beachdachadh an-diugh air plana a bheireadh leudachadh air fear de na tuathan-gaoithe as motha san sgìre. Tha SSE ag amas air an leth-uimhir a-rithist de chrainn-ghaoithe a chur aig tuath Gordonbush, faisg air Brùra, far a bheil 35 crainn mar thà. Tha oifigich dhealbhachaidh na Comhairle a' moladh cead dhan sgeama, agus mura cuir na comhairlichean na aghaidh an-diugh, 's ann aig Riaghaltas na h-Alba a bhios co-dhùnadh air a' chùis.