Co-dhùnadh ga sheachnadh air tuath-gaoithe
- Air fhoillseachadh

Sheachainn comhairlichean air Ghàidhealtachd co-dhùnadh a dhèanamh Dimàirt air plana a bheireadh leudachadh air fear de na tuathan-gaoithe as motha sa cheann a tuath.
Tha SSE Renewables ag amas air 16 crainn a chur ris an tuath-ghaoithe aig Gar Eisgeig, faisg air Brùra ann an Cataibh, anns a bheil 35 crain mar thà.
Bhiodh na crainn ùra nas motha, iag 130 meatair de dh'àirde.
Ged a tha oifigich dhealbhachaidh na Comhairle a' moladh cead dhan sgeama, chuir na comhairlichean romhpa gum feum iad fhèin tadhal air an làraich mus dèan iad co-dhùnadh air a' chùis.
Tha na h-oifigich a' moladh gum bu chòir aon chrann nas lugha a bhith ann, agus nach bi fear eile dhiubh cho àrd.
Chaidh tuath-gaoithe Ghar Eisgeig ann an Srath Bhrùra a thogail ann an 2012, taobh tuath air Loch Bhrùra.
Chuir buidhnean glèidhteachais an aghaidh a' phròiseict.
Thuirt Urras Iain Mhuir gun toireadh e buaidh air seallaidhean na sgìre.
Chan eil Comhairle Coimhearsnachd Bhrùra an aghaidh a' phroiseict ge-tà. Ach thuirt iad nach bu chòir an còrr chrann a thogail anns an sgìre ma 's e agus gum faigh na planaichean a tha seo cead dealbhachaidh.